Description
Advert
Ag obair mar Neach-taic Feumalachdan Taic a Bharrachd, feumaidh dleastanas a bhith agaibh a bhith ag obair le daoine òga/sgoilearan le feumalachdan taic a bharrachd agus a bhith cleachdte gus taic a thoirt do dhaoine òga ann an sgoiltean agus ionadan eile air feadh Siorrachd Rinn Friù.
Ged a bhios an ceannard aig ceann an stèidheachd, bidh sibh a’ gabhail stiùireadh bhon tidsear sa chlas far am bi sibh ag obair.
Tha e deatamach gum bi eòlas agaibh air a bhith ag obair le agus/no a’ toirt cùram do chlann aois ro 5, Bun-sgoil no Àrd-sgoil. A bharrachd air sin, tha e air leth chudromach gu bheil sgilean làidir agaibh a thaobh litearrachd agus àireamhachd, agus gu bheil sgillean ICT agaibh.
‘S e dreuchd sealach a tha seo, a rèir feumalachdan gnìomhachais agus maoineachadh airson 12 mìosan no gus nach eil feum ann airson an dreuchd, ge bith dè an ceann-latha as tràithe.
Ma tha sibh soirbheachail, bidh agaibh ri sgrùdadh Disclosure Scotland a dhèanamh, bidh ìre an t-seic air a dhearbhadh le dleastanasan na dreuchd. Ma tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh a thaobh sgrùdaidhean Disclosure Scotland, tadhail air www.disclosurescotland.co.uk.